Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fhreagair e agus thubhairt e ri Arioch, ceann-fheadhna an rìgh, Carson a tha an t‑òrdagh cho dian on rìgh? An sin dh’innis Arioch a’ chùis do Dhaniel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Daniel le comhairle agus le gliocas Arioch, ceann-feadhna freiceadan an rìgh, a chaidh a‑mach a mharbhadh daoine glice Bhàbiloin.

An sin chaidh Daniel a‑steach, agus ghuidh e air an rìgh gun tugadh e dha ùine, agus gum feuchadh e don rìgh a’ bhrìgh.

Air an adhbhar sin, a chionn gu robh àithne an rìgh ro‑theann, agus an àmhainn ro‑theth, mharbh lasair an teine na daoine sin a thog suas Sadrach, Mesach, agus Abed-nego.

Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan