An sin thug Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, leis nam braighdean gu Bàbilon am fuidheall sluaigh a dh’fhan anns a’ bhaile, agus iadsan a theich thairis da ionnsaigh, leis a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhan beò.
Agus anns a’ chòigeamh mìos, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an naoidheamh-bliadhna-deug de linn Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin), thàinig Nebusaradan, ceannard an fhreiceadain, a fhritheil do rìgh Bhàbiloin, gu Ierusalem.
Uime sin chaidh Daniel a‑steach gu Arioch, a shònraich an rìgh gu daoine glice Bhàbiloin a mhilleadh: chaidh e agus labhair e mar seo ris, Na sgrios daoine glice Bhàbiloin: thoir mise a‑steach ann am fianais an rìgh, agus feuchaidh mi don rìgh an seadh.