Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar seo bha an rìgh ann am feirg, agus ann an teas-chorraich, agus dh’àithn e uile dhaoine glice Bhàbiloin a mhilleadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir marbhaidh fearg an t‑amaideach, agus bheir tnù bàs an duine shuaraich.

Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu.

Tha fearg rìgh mar theachdairean bàis; ach ciùinichidh duine glic i.

Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.

Mar bheucaich leòmhainn tha eagal rìgh: an tì a bhrosnaicheas e gu feirg, peacaichidh e an aghaidh a anama fhèin.

Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.

Uime sin chaidh Daniel a‑steach gu Arioch, a shònraich an rìgh gu daoine glice Bhàbiloin a mhilleadh: chaidh e agus labhair e mar seo ris, Na sgrios daoine glice Bhàbiloin: thoir mise a‑steach ann am fianais an rìgh, agus feuchaidh mi don rìgh an seadh.

Fhreagair an rìgh agus thubhairt e ris na Caldèanaich, Tha an nì air dol as m’aire; mura toir sibhse fios dhomh air a’ bhruadar le a bhrìgh, gearrar sibh nur bloighdean, agus nìthear ur taighean nan dùn aolaich.

An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh.

An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.

Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos.

An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan