Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fhreagair na Caldèanaich ann am fianais an rìgh, agus thubhairt iad, Chan eil duine air an talamh as urrainn gnothach an rìgh fhoillseachadh: air an adhbhar sin chan eil rìgh, no tighearna, no fear-riaghlaidh, a dh’iarr a leithid seo de nithean air an aon draoidh, no speuradair, no Caldèanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Tha thu air do sgìtheachdadh ann an lìonmhorachd do chomhairlean. Seasadh na speuradairean suas, luchd-amhairc nan reultan, iadsan a tha ri fiosachd gach mìos, agus tèarnadh iad thu o na nithean a tha gu teachd ort.

An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd-fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh.

Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd-fiosachd fheuchainn don rìgh;

Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich.

An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan