Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.
Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar-cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh.
Am facal a thàinig a dh’ionnsaigh Ieremiah mu thimcheall uile shluagh Iùdah, ann an ceathramh bliadhna Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah; b’i sin ciad bhliadhna Nebuchadresair rìgh Bhàbiloin:
Ann an ciad bhliadhna Bhelsasair rìgh Bhàbiloin, chunnaic Daniel bruadar, agus aisling a chinn air a leabaidh: an sin sgrìobh e am bruadar, agus dh’innis e suim nan nithean.