Daniel 12:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile. Faic an caibideil |
Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia;
Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn.