Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 12:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt neach ris an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, Cia fhad a bhios gu crìch nan iongantas seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad.

Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal-sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon-aodach, agus acfhainn-sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha.

An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne.

Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo thighearna, ciod a’ chrìoch a bhios aig na nithean seo?

An sin chuala mi aon naomh a’ labhairt, agus thubhairt naomh eile ris an naomh àraidh sin a labhair, Cia fhad a bhios an aisling mu thimcheall na h‑ìobairt làitheil, agus a bheirear thairis euceart gu milleadh, agus a bhios an naomh-ionad agus am feachd air an saltairt fo chois?

Agus chuala mi guth duine eadar bruachan Ulai, a ghlaodh, agus a thubhairt, A Ghabrieil; thoir air an fhear seo an sealladh a thuigsinn.

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Innis dhuinne cuin a bhios na nithean sin, agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean sin gu lèir air an coileanadh?

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.

Agus thàinig a‑mach as an teampall na seachd aingil, aig an robh na seachd plàighean air an sgeadachadh le lìon-aodach glan agus dealrach, agus air an crioslachadh mun uchd le criosan òir.

Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon-aodach grinn, geal agus glan.

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan