Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic clann Israeil aghaidh Mhaois, gun do dhealraich craiceann aghaidh Mhaois: agus chuir Maois an gnùis-bhrat air a aghaidh a‑rìs, gus an deachaidh e a‑steach a labhairt ris.

Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.

Sealbhaichidh na daoine glice urram; ach is e nàire àrdachadh nan amadan.

Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.

Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth-fhacal.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Ach nam biodh iad air seasamh ann am chomhairle-sa, an sin bheireadh iad air mo shluagh mo bhriathran èisdeachd, an sin bheireadh iad orra tilleadh on slighe, agus o aingidheachd an dèanadais.

Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.

Agus tuitidh cuid dhiubhsan aig a bheil tuigse, a‑chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an dèanamh geal, eadhon gu àm na crìche; a chionn gu bheil e fhathast airson àm a shònraicheadh.

Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice.

An sin dealraichidh na fìreanan mar a’ ghrian, ann an rìoghachd an Athar fhèin. Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?

Agus an tì a bhuaineas tha e a’ faotainn tuarasdail, agus a’ cruinneachadh toraidh a‑chum na beatha maireannaich; a‑chum gun dèan an tì a chuireas, agus an tì a bhuaineas, gàirdeachas le chèile.

B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.

A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.

A rèir gràs Dhè a thugadh dhòmhsa mar fhear-togail aitreibh glic, leag mi am bunait, agus tha neach eile a’ togail air, ach thugadh gach neach an aire cionnas a thogas e air.

Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;

Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

Agus measaibh gur slàinte fad-fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;

Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.

Mar sin rachadh as dod naimhdean uile, a Thighearna; ach biodh iadsan leis an ionmhainn e mar a’ ghrian nuair a thèid i a‑mach na neart. Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan