Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.
Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil.
Ach tha an Tighearna leam mar aon cumhachdach uamhasach; air an adhbhar sin tuislichidh mo luchd-tòrachd, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lìonadh le nàire ro‑mhòr, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn.
Air an adhbhar sin dèan fàistneachd, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise ur n‑uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a‑nìos as ur n‑uaighean, agus bheir mi sibh gu fearann Israeil.
Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean.
Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.
Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas-urraim?
Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.