Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal.
Ach thusa, O Dhanieil, druid suas na briathran, agus seulaich an leabhar, gu àm na crìche: ruithidh mòran sìos agus suas, agus bidh eòlas air a mheudachadh.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma ghluaiseas tu ann am shlighean-sa, agus ma choimheadas tu mo reachd, an sin bheir thu mar an ceudna breith air mo thaigh, agus gleidhidh tu fòs mo chùirtean; agus bheir mi dhut àiteachan-coiseachd am measg na muinntir seo nan seasamh leat.
Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.
Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.