Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.
Agus tuitidh cuid dhiubhsan aig a bheil tuigse, a‑chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an dèanamh geal, eadhon gu àm na crìche; a chionn gu bheil e fhathast airson àm a shònraicheadh.
Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal.
Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.
Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.
Agus suidhidh e mar fhear-leaghaidh agus glanaidh airgid: agus glanaidh e mic Lèbhi, agus saoraidh e o shal iad, mar òr agus mar airgead, a‑chum gum bi iad nan òglaich don Tighearna, a’ tairgse dha tabhartais ann am fìreantachd.
Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:
Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.
Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.
Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.
A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.
Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd.
Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:
A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.
An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth.
Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.