Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich.
Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr-shluagh thairis da làimh-san.
Agus bidh rìgh na h‑àird a deas làidir, ach bidh aon de na prionnsachan eadhon nas làidire na esan; agus bidh aige tighearnas nas mò na a thighearnas-san.
Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath.
Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas.
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.