Daniel 11:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus an ceann bhliadhnachan ceanglaidh iad iad fhèin ri chèile; oir thig nighean rìgh na h‑àird a deas a‑chum rìgh na h‑àird a tuath a dhèanamh rèite eatorra: ach cha ghlèidh i cumhachd a ghàirdein, cha mhò a sheasas i fhèin no a sliochd: ach bheirear ise seachad, agus iadsan a thug leo i, agus esan a ghin i, agus esan a neartaich i anns na h‑aimsirean seo. Faic an caibideil |
Oir feuch, togaidh mise suas buachaille anns an fhearann, nach seall an dèidh an nì sin a ghearrar as: nach iarr a’ chuid a tha òg; agus nach leighis a’ chuid a fhuair dochann; cha mhò a bheathaicheas e a’ chuid a sheas: ach ithidh e feòil na cuid a tha reamhar, agus reubaidh e an crodhain nam bloighdean.