Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh rìgh na h‑àird a deas làidir, ach bidh aon de na prionnsachan eadhon nas làidire na esan; agus bidh aige tighearnas nas mò na a thighearnas-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr-shluagh thairis da làimh-san.

Agus anns na h‑aimsirean sin seasaidh mòran suas an aghaidh rìgh na h‑àird a deas: mar an ceudna nì luchd-creachaidh mo shluaigh-sa iad fhèin àrdachadh a‑chum an sealladh a dhaingneachadh, ach tuitidh iad.

Agus dùisgidh e suas a chumhachd agus a chruadal, an aghaidh rìgh na h‑àird a deas le feachd mòr; agus bidh rìgh na h‑àird a deas air a dhùsgadh suas gu cath, le feachd ro‑mhòr agus cumhachdach; ach cha seas e: oir dealbhaidh iad innleachdan na aghaidh.

Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.

Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan