Ach nì sgeul on àird an ear agus on àird a tuath a bhuaireadh: air an adhbhar sin thèid e a‑mach le corraich mhòir gu sgrios, agus gu mòran a mhilleadh gu tur.
Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr-shluagh thairis da làimh-san.
Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh.
Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg.
Agus suidhichidh e pàilleanan a lùchairtean eadar na cuantan, anns an t‑sliabh ghlòrmhor naomh; gidheadh thig e gu chrìch, agus cha chuidich neach air bith leis.
Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.