Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a sheasas e suas, brisear a rìoghachd, agus roinnear i ri ceithir gaothan nèimh; agus chan ann da shliochd, no a rèir a thighearnais, leis an do riaghail e: oir bidh a rìoghachd air a spìonadh a‑nìos, eadhon airson muinntir eile a bharrachd orra seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn, tha gach duine a’ siubhal ann an samhladh dìomhain; gu deimhinn, cuirear mì‑shuaimhneas orra gu faoin; càrnaidh neach suas beartas, gun fhios aige cò a mhealas e.

Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.

Agus tàrlaidh, an dèidh dhomh an tarraing a‑mach, gun till mi, agus gun gabh mi truas dhiubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon ga oighreachd fhèin, agus gach aon ga fhearann fhèin.

Ach mura toir iad gèill, an sin spìonaidh mi a‑nìos an cinneach sin, a’ spìonadh a‑nìos agus a’ sgrios, deir an Tighearna.

Cuin air bith a labhras mise mu thimcheall cinnich, agus mu thimcheall rìoghachd, gu spìonadh a‑nìos, gu leagail sìos, agus gu sgrios;

Agus gleann nan corp marbha gu h‑iomlan, agus na luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisinn geata nan each an taobh an ear, bidh iad naomh don Tighearna: cha spìonar a‑nìos, agus cha tilgear sìos e nas mò gu bràth.

Mar seo their thu ris, Mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, an nì sin a thog mi, tilgidh mi sìos; agus an nì sin a shuidhich mi spìonaidh mi a‑nìos; eadhon am fearann seo gu h‑iomlan.

Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam.

An sin thubhairt e rium, Dèan fàistneachd don anail, dèan fàistneachd, a mhic an duine, agus abair ris an anail, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Thig o na ceithir gaothan, O anail, agus sèid air na mairbh seo, a‑chum gum bi iad beò.

Labhair Daniel agus thubhairt e, Chunnaic mi ann am aisling anns an oidhche, agus, feuch, ghleac ceithir gaothan nèimh air an fhairge mhòir.

Na dhèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, aon eile amhail liopard, aig an robh air a dhruim ceithir sgiathan eòin; bha aig a’ bheathach mar an ceudna ceithir cinn; agus thugadh dha uachdaranachd.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

A‑nis, air dha sin briseadh, mar a sheas ceithir suas na àite, seasaidh ceithir rìoghachdan suas as a’ chinneach, ach chan ann na neart-san.

Air an adhbhar sin dh’fhàs am boc-goibhre ro‑mhòr: agus nuair a bha e làidir, chaidh an adharc mhòr a bhriseadh; agus na h‑àite thàinig a‑nìos ceithir adhaircean sònraichte, ri ceithir gaothan nèimh.

Ho! ho! thigibh agus teichibh on tìr mu thuath, tha an Tighearna ag ràdh; oir ri ceithir gaothan an adhair sgaoil mise sibh a‑mach, deir an Tighearna.

Agus fhreagair an t‑aingeal, agus thubhairt e rium, Is iad seo ceithir spioradan nan nèamh a tha a’ dol a‑mach o bhith nan seasamh an làthair Tighearna na talmhainn uile.

Agus thuig Iosa an smuaintean, agus thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, nìthear na fàsach i; agus gach uile bhaile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha seas e.

Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?

Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan