Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a thuiteas iad, cuidichear iad le beagan cuideachaidh: ach leanaidh mòran riu le miodal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.

Agus a’ mhuinntir a nì gu h‑olc an aghaidh a’ choicheangail truaillidh e le miodal: ach an sluagh aig a bheil eòlas air an Dia, bidh iadsan làidir, agus nì iad gu treun.

Coimheadaibh sibh fhèin o na fàidhean brèige, a thig dur n‑ionnsaigh ann an culaidhean chaorach, ach a tha on leth a‑staigh nam madaidhean-allaidh.

Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.

Agus sin airson bhràithrean brèige a ghoid a‑steach nar measg, a thàinig a‑steach an uaigneas a dh’fhaicinn ar saorsa, a tha againn ann an Iosa Crìosd, a‑chum ar toirt fo dhaorsa;

Oir thig an t‑àm anns nach bi fulang aca air teagasg fallain: ach air do chluasan tachasach a bhith aca, càrnaidh iad suas dhaibh fhèin luchd-teagaisg a rèir an ana-miann;

Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun-os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.

Tha iadsan on t‑saoghal: uime sin tha iad a’ labhairt mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisdeachd riu.

Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd.

Oir ghoid daoine àraidh a‑steach, a dh’òrdaicheadh roimhe o shean a‑chum an dìtidh seo, daoine mì‑dhiadhaidh, a’ tionndadh gràs ar Dè‑ne gu macnas, agus ag àicheadh Dhè, as aon Uachdaran ann, agus ar Tighearna Iosa Crìosd.

Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.

Gidheadh, tha agam beagan de nithean ad aghaidh, gu bheil thu a’ fulang don mhnaoi sin Iesebel, a tha ag ràdh gur ban-fhàidh i fhèin, mo sheirbhisich a theagasg agus a mhealladh a‑chum strìopachas a dhèanamh, agus nithean, a dh’ìobradh do iodhalan, ithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan