Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Seadh, marbhaidh iadsan a dh’itheas cuibhreann de a bhiadh e, agus sgaoilidh a fheachd a‑mach mar thuil: agus tuitidh mòran sìos marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e o Elisa, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a thighearna, a thubhairt ris, Ciod a thubhairt Elisa riut? Agus fhreagair esan, Dh’innis e dhomh gun tig thu gu cinnteach on tinneas seo.

Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.

Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich.

Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.

Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An tì a thumas a làmh anns a’ mhèis maille riumsa, brathaidh esan mi.

Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear-dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.

Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan