Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr-roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus ghlac iad bailtean daingnichte, agus talamh reamhar, agus shealbhaich iad taighean làn de gach nì math, tobraichean cladhaichte, fìonliosan agus liosan-ola, agus craobhan-meas ann am pailteas: agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad, agus dh’fhàs iad reamhar, agus bha toil-inntinn aca ann ad mhòr-mhaitheas-sa.

Is clach uasal tìodhlac ann an sùilean an tì aig am bi e; ge bè taobh gus an tionndaidh e, soirbhichidh leis.

Iarraidh mòran deagh-ghean an duine mhòir; agus bidh gach duine na charaid do fhear nan tìodhlac.

Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.

Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air slèibhtean àrda Israeil: an sin laighidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis reamhair air slèibhtean Israeil.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.

Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Agus ciod e an talamh, a bheil e reamhar no bochd, a bheil coille ann no nach eil. Agus biodh agaibh deagh mhisneach, agus thugaibh leibh de thoradh an fhearainn. (A‑nis b’e an t‑àm àm nan ciad dhearcan-fìona abaich.)

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Agus thug iad dha trì-fichead agus deich buinn airgid à taigh Bhàail-bherit, leis an do thuarasdalaich Abimelech daoine faoine agus aotrom, a lean e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan