Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair mic Iàcoib Sechem agus Hamor a athair le ceilg, agus labhair iad, a chionn gun do thruaill e Dinah am piuthar,

Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge.

Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.

Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.

Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr-roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal.

Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh.

Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe.

Air dhaibh a bhith air an lìonadh den uile eucoir, strìopachas, olc, shannt, mhìorun: làn de fharmad, de mhortadh, de chonnsachadh, de cheilg, de dhroch-bheusan; nan luchd-cogarsaich,

Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.

Eadhon esan, aig a bheil a theachd a rèir obrachadh Shàtain, maille ris an uile chumhachd, agus chomharraidhean, agus iongantasan breugach,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan