Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin.

Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich.

Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.

Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe.

Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.

Nach criothnaich am fearann airson seo? Agus nach dèan gach duine a tha a chòmhnaidh ann caoidh? Agus nach èirich amhail tuil thar an iomlan dheth? Nach tilgear a‑mach, agus nach bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit?

Oir is e an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, a bheanas ris an fhearann, agus leaghaidh e; agus nì na h‑uile a tha a chòmhnaidh ann caoidh; agus èiridh e suas gu h‑iomlan mar thuil, agus bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit.

Ach le tuil a’ ruith thairis bheir e crìoch iomlan air an dream a dh’èireas na aghaidh; agus ruaigidh dorchadas a naimhdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan