An sin seasaidh suas na àite aon a chuireas fear-togail chìsean thar an rìoghachd ghlòrmhor; ach an ceann beagan làithean sgriosar e, chan ann an corraich no an cath.
Agus thug Iehoiacim an t‑airgead agus an t‑òr do Phàraoh: ach thug e fa‑near an tìr a mheas a‑chum gun ìocadh iad an t‑airgead a rèir àithne Phàraoh; dh’iarr e an t‑airgead agus an t‑òr o shluagh na tìre, o gach neach a rèir a mheas, gus a thabhairt do Phàraoh-necho.
Agus an àite umha, bheir mi òr; agus an àite iarainn, bheir mi airgead; agus an àite fiodha, umha; agus an àite chlach, iarann; agus nì mi do mhaoir nan sìth, agus do chìs-mhaoir nan ceartas.
Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.
Ach a‑mach à meangan de a freumh seasaidh aon suas na inbhe, a thig le feachd, agus a thèid a‑steach gu daingneach rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e nan aghaidh, agus bheir e buaidh: