Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin tionndaidhidh e a aghaidh ri daingneach a thìre fhèin: ach gheibh e tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi e ri fhaotainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mar aisling grad-shiùbhlaidh e, agus chan fhaighear e; agus teichidh e mar shealladh na h‑oidhche:

Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile nan àite.

Nuair a thàinig luchd-uilc orm a dh’ithe suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad fhèin agus thuit iad.

Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine.

Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e.

Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.

Na teicheadh am fear luath, agus na rachadh am fear làidir as; a làimh na h‑àird a tuath, ri taobh na h‑aibhne Euphrateis, thuislich, agus fhuair iad leagadh.

Nì mi uamhas dhìot, agus cha bhi thu ann: ged iarrar thu, gidheadh chan fhaighear thu nas mò gu bràth, deir an Tighearna Dia.

Ach a‑mach à meangan de a freumh seasaidh aon suas na inbhe, a thig le feachd, agus a thèid a‑steach gu daingneach rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e nan aghaidh, agus bheir e buaidh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan