Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 11:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Suidhichidh e fòs a aghaidh gu dol a‑steach le neart a rìoghachd uile, agus daoine ionraic maille ris: mar seo nì e; agus bheir e dha nighean nam ban ga truailleadh: ach cha seas i air a thaobh-san, cha mhò a bhios i air a shon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh Hasael rìgh Shiria suas, agus chog e an aghaidh Ghat, agus ghlac e e: agus chuir Hasael a aghaidh ri dol suas gu Ierusalem.

Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile.

An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.

Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.

Cha mhò a nì Phàraoh feum dha, le a fheachd cumhachdach, agus le a bhuidhinn mhòir, anns a’ chogadh, le tòrr a thilgeadh suas, agus le daingnichean a thogail, a ghearradh as mòran anaman.

A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh nan Amonach, agus dèan fàistneachd nan aghaidh;

A thuilleadh air seo, gabh thugad aghann iarainn, agus suidhich e mar bhalla iarainn, eadar thu agus am baile, agus cuir do ghnùis na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu camp na aghaidh: bidh seo na chomharradh do thaigh Israeil.

Uime sin cuiridh tu d’aghaidh ri sèisdeadh Ierusaleim, agus bidh do ghàirdean air a rùsgadh, agus nì thu fàistneachd na h‑aghaidh.

An sin tionndaidhidh e a aghaidh ri daingneach a thìre fhèin: ach gheibh e tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi e ri fhaotainn.

Agus an ceann nan trì-fichead agus dà sheachdain, gearrar Mesiah as, ach chan ann air a shon fhèin: agus sgriosaidh sluagh a’ phrionnsa a thig a’ chathair, agus an naomh-ionad; agus bidh a chrìoch sin le tuil, agus gu deireadh a’ chogaidh tha lèirsgrios air òrdachadh.

Thig iad uile airson ainneirt: sgriosaidh iad romhpa mar a’ ghaoth an ear; agus cruinnichidh iad braighdean mar a’ ghaineamh.

An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e.

An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.

A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan