Daniel 11:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir tillidh rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e sluagh mòr a‑mach, as mò na a’ chiad sluagh, agus thig e gu cinnteach (an dèidh bhliadhnachan àraidh) le feachd mòr, agus le pailteas saoibhreis. Faic an caibideil |
Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.