Agus ann an ciad bhliadhna Dhariuis am Mèdeach, sheas mise gu a dhaingneachadh agus gu a neartachadh.
Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail.
An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi.
Agus ghlac Darius am Mèdach an rìoghachd, agus e mu thimcheall trì-fichead agus dà bhliadhna a dh’aois.
B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile;
Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach:
A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.