Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus nuair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, agus m’aghaidh ris an làr.
Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche.
Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.
Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.
Ach bha Peadar, agus iadsan a bha maille ris, trom nan cadal: agus nuair a dhùisg iad, chunnaic iad a ghlòir, agus an dithis fhear a bha nan seasamh maille ris.
Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.