Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.

Agus thubhairt Maois, Tionndaidhidh mi a‑nis a lethtaobh, agus chì mi an sealladh mòr seo, carson nach eil am preas air a losgadh.

Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.

Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam.

An seo bha crìoch na cùise. Air mo shon-sa Daniel, rinn mo smuaintean gu ro‑mhòr mo bhuaireadh, agus dh’atharraich mo ghnùis annam; ach ghlèidh mi a’ chùis ann am chridhe.

Agus ormsa Daniel thàinig fàiling, agus bha mi tinn car làithean àraidh; na dhèidh sin, dh’èirich mi suas, agus rinn mi gnothaichean an rìgh; agus bha uamhas orm mun aisling, ged nach tug aon neach sin fa‑near.

Agus chunnaic mi e a’ teachd teann air an reithe, agus dhùisg a fhearg na aghaidh, agus bhuail e an reithe, agus bhris e a dhà adhairc; agus cha robh cumhachd air bith aig an reithe gu seasamh roimhe, ach thilg e sìos a‑chum an làir e, agus shaltair e air: agus cha robh neach air bith a b’urrainn an reithe a thèarnadh as a làimh.

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.

Agus nuair a chuala na deisciobail seo, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal ro‑mhòr.

Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr.

Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium.

Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan