Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 10:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den chiad mhìos, nuair a bha mi ri taobh na h‑aibhne mòire, Hidecel;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.

Thàinig facal an Tighearna gu Eseciel an sagart, mac Bhusi, ann an tìr nan Caldèanach, aig uisge Chebair; agus bha làmh an Tighearna air anns an àite sin.

An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne.

Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan