Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.

Air chor is gun gabh a bheatha gràin de aran, agus a anam de bhiadh deagh-bhlasda.

An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.

Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath.

An sin chaidh an rìgh da lùchairt, agus chaith e an oidhche ri trasg: cha mhò a thugadh innealan-ciùil na làthair; agus dh’imich a chadal uaithe.

Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh.

Glacaibh-se a’ chreach airgid, glacaibh a’ chreach òir; chan eil crìoch air an ionmhas ghlòrmhor, leis gach uile sheòrsa de shoithichean rìomhach.

Ach thusa, nuair a nì thu trasgadh, cuir ola air do cheann, agus ionnail d’aghaidh:

Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.

Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan