Daniel 10:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi. Faic an caibideil |
An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.
Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha an Tighearna maille rinn, carson a thàinig seo uile oirnn? Agus càit a bheil a mhìorbhailean uile a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn, ag ràdh, Nach tug an Tighearna sinn a‑nìos on Eiphit? Ach a‑nis thrèig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach.