Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e rium, O Dhanieil, a dhuine ro‑ionmhainn, tuig na briathran a tha mise a’ labhairt riut, agus èirich ann ad sheasamh: oir ad ionnsaigh-sa tha mi a‑nis air mo chur. Agus nuair a labhair e am facal seo rium, sheas mi air chrith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e.

An sin gabhaidh an Rìgh mòr-thlachd ann ad àille; a chionn gur esan do Thighearna, thoir-sa urram dha.

Is le fear mo ghràidh mise, agus is ann ormsa a tha a chion.

Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, seas air do chasan, agus labhraidh mise riut.

Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.

Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.

Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.

A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa.

An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu?

Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut;

Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan