Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 10:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, bhean làmh rium, a chuir mi air mo ghlùinean, agus air basan mo làmh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chuir an Tighearna a‑mach a làmh, agus bhean e rim bheul; agus thubhairt an Tighearna rium, Feuch, chuir mise mo bhriathran ann ad bheul.

Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.

An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi.

A‑nis, am feadh a bha e a’ labhairt rium, bha mi ann an cadal trom, air m’aghaidh ris an talamh: ach bhean e dhomh, agus chuir e suas gu dìreach mi.

Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:

Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan