Daniel 1:9Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis thug Dia do Dhaniel deagh-ghean agus coibhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach. Faic an caibideil |
A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.
Agus thaitinn an òigh ris, agus fhuair i coibhneas na làthair, agus rinn e deifir gus a nithean airson glanaidh, agus na bhuineadh dhi, a thabhairt da h‑ionnsaigh, agus gu seachd maighdeannan iomchaidh a thabhairt dhi à taigh an rìgh; agus chuir e i fhèin agus a maighdeannan don àit a b’fheàrr de thaigh nam ban.