Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ghabh Daniel rùn na chridhe nach truailleadh e e fhèin leis a’ chuibhreann de bhiadh an rìgh, no leis an fhìon den d’òl e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach nach biodh e air a shalachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.

Mar an ceudna naisg iad iad fhèin ri Bàal-peor, agus dh’ith iad ìobairtean nam marbh.

Mhionnaich mi, agus coileanaidh mi e, gun coimhead mi breitheanais do cheartais.

Imichibh uam, a luchd-dèanaimh an uilc, oir gleidhidh mise àitheantan mo Dhè.

Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd-dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis.

Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad.

Agus dh’òrdaich an rìgh dhaibh lòn làitheil de bhiadh an rìgh, agus den fhìon a bha e ag òl: mar sin gan àrachadh trì bliadhna, a‑chum gun seasadh iad an ceann na h‑aimsir sin an làthair an rìgh.

Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Ach gun sgrìobh sinn dan ionnsaigh, iad a sheachnadh truaillidheachd iodhalan, agus strìopachais, agus nì tachdte, agus fala.

Gidheadh, an tì sin a tha suidhichte gu daingeann na chridhe, agus gun èiginn sam bith air, ach aig a bheil cumhachd air a thoil fhèin, agus a chuir roimhe na chridhe a mhaighdeann a choimhead, tha e a’ dèanamh gu math.

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

A dh’ith saill an ìobairtean, a dh’òl fìon an tabhartais-dibhe? – èireadh iad suas, agus cuidicheadh iad leibh; biodh iad dhuibh nan dìdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan