Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.

Agus rinn Phàraoh-necho Eliacim mac Iosiah na rìgh an àite Iosiah a athair agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim, agus thug e air falbh Iehoahas; agus thàinig e don Eiphit, agus dh’eug e an sin.

Agus rinn rìgh Bhàbiloin Mataniah bràthair a athar na rìgh na àite, agus thionndaidh e a ainm gu Sedeciah.

Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh.

Agus labhair an rìgh ri Aspenas, uachdaran a chaillteanach, gun tugadh e leis cuid de chloinn Israeil, agus de shliochd an rìgh, agus de na prionnsachan;

Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh.

Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, dom b’ainm Beltesasar, An urrainn thusa fios a thoirt dhomh air a’ bhruadar a chunnaic mi, agus air a bhrìgh?

An sin dh’iarr Daniel air an rìgh, agus chuir e Sadrach, Mesach, agus Abed-nego os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, ach shuidh Daniel ann an geata an rìgh.

Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh.

Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,

Do bhrìgh gun d’fhuaireadh spiorad òirdheirc, agus eòlas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, agus foillseachadh cheistean cruaidhe, agus fuasgladh imcheistean, anns an Daniel seo fhèin, air an tug an rìgh mar ainm Beltesasar: a‑nis biodh Daniel air a ghairm, agus foillsichidh esan a bhrìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan