Ged bhiodh Nòah, Daniel, agus Iob ann, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd.
Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh.
An sin thug Arioch a‑steach Daniel ann am fianais an rìgh gu luath, agus thubhairt e mar seo ris, Fhuair mi duine de bhraighdean Iùdah, a bheir fios don rìgh air an t‑seadh.
An sin thugadh Daniel a‑steach an làthair an rìgh; agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin a tha de chloinn braighdeanas Iùdah, a thug an rìgh, m’athair, à tìr nan Iùdhach?
An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh.
Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),
Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann: