Agus dh’òrdaich an rìgh dhaibh lòn làitheil de bhiadh an rìgh, agus den fhìon a bha e ag òl: mar sin gan àrachadh trì bliadhna, a‑chum gun seasadh iad an ceann na h‑aimsir sin an làthair an rìgh.
Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.
Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.
Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh.
Ach ghabh Daniel rùn na chridhe nach truailleadh e e fhèin leis a’ chuibhreann de bhiadh an rìgh, no leis an fhìon den d’òl e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach nach biodh e air a shalachadh.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.