Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.

Ach ann an Israel uile cha robh duine cho maiseach ri Absalom: bha e ri mholadh gu mòr: o bhonn a choise gu ruig mullach a chinn cha robh smal air bith air.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair.

An sin thubhairt Eliacim, agus Sebnah agus Iaoh ri Rab-saceh, Labhair, guidheamaid ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich, ann an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.

Feuch, bheir mi nur n‑aghaidh cinneach o chèin, O thaigh Israeil, deir an Tighearna: is cinneach cumhachdach e, is cinneach ro‑shean e; cinneach nach aithne dhut an cainnt, cha mhò a thuigeas tu ciod a their iad.

Fhreagair na Caldèanaich ann am fianais an rìgh, agus thubhairt iad, Chan eil duine air an talamh as urrainn gnothach an rìgh fhoillseachadh: air an adhbhar sin chan eil rìgh, no tighearna, no fear-riaghlaidh, a dh’iarr a leithid seo de nithean air an aon draoidh, no speuradair, no Caldèanach.

An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd-fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh.

Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich.

An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh.

Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;

Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Ann an ciad bhliadhna Dhariuis mhic Ahasueruis, de shìol nam Mèdach, a rinneadh na rìgh os cionn rìoghachd nan Caldèanach:

Agus thubhairt e ris, Ruith, labhair ris an òganach sin, ag ràdh, Bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh mar bhailtean gun bhallachan, le lìonmhorachd nan daoine agus na sprèidhe a bhios innte.

Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:

Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Eiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan.

A‑chum gun cuireadh e na làthair fhèin i na h‑eaglais ghlòrmhoir, gun smal, gun phreasadh, no nì air bith de an leithidean sin; ach a‑chum gum biodh i naomh, agus neo-lochdach.

An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan