Agus labhair an rìgh ri Aspenas, uachdaran a chaillteanach, gun tugadh e leis cuid de chloinn Israeil, agus de shliochd an rìgh, agus de na prionnsachan;
Agus thug e leis Iehoiachin do Bhàbilon, agus màthair an rìgh, agus mnathan an rìgh, agus a chaillteanaich, agus daoine cumhachdach na tìre; iad sin thug e leis am braighdeanas, o Ierusalem do Bhàbilon.
Feuch, tha na làithean a’ teachd anns am bi gach nì a tha ann ad thaigh, agus a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air a ghiùlan air falbh gu Bàbilon; chan fhàgar nì air bith, deir an Tighearna.
A‑nis thàrladh air an t‑seachdamh mìos gun tàinig Ismael mac Netaniah, mhic Elisama, den t‑sìol rìoghail, agus maithean an rìgh, eadhon deich fir, maille ris, gu Gedaliah mac Ahicaim, do Mhispah, agus an sin dh’ith iad aran le chèile ann am Mispah.