Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile.
Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.
Agus nuair a thàinig na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh làimh riu, thubhairt iad rinn deich uairean, As gach àit on till sibh dar n‑ionnsaigh-ne, bidh iad oirbh.
An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.
Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.
A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.
Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.
An sin fhreagair Daniel, agus thubhairt e an làthair an rìgh, Biodh do thìodhlacan agad fhèin, agus thoir do dhuaisean do neach eile; gidheadh leughaidh mise an sgrìobhadh don rìgh, agus leigidh mi ris a bhrìgh dha.
Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;