Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 1:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.

Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan.

A‑nis aig ceann nan làithean, anns an dubhairt an rìgh gun tugadh e a‑steach iad, an sin thug uachdaran nan caillteanach a‑steach iad an làthair Nebuchadnesair.

Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg.

Agus dh’òrdaich an rìgh dhaibh lòn làitheil de bhiadh an rìgh, agus den fhìon a bha e ag òl: mar sin gan àrachadh trì bliadhna, a‑chum gun seasadh iad an ceann na h‑aimsir sin an làthair an rìgh.

A‑nis am measg na muinntir seo bha de chloinn Iùdah, Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah;

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

Agus chaidh an t‑òrdagh a‑mach gum biodh na daoine glice air am marbhadh; agus dh’iarr iad Daniel agus a chompanaich gu bhith air am marbhadh.

Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan