Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Daniel ri Melsar, a chuir uachdaran nan caillteanach os cionn Dhanieil, Hananiah, Mhisaeil agus Asariah,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt uachdaran nan caillteanach ri Daniel, Tha eagal orm ro mo thighearna an rìgh, a dh’òrdaich ur biadh agus ur deoch: oir ciod uime am faiceadh e ur n‑aghaidhean nas miosa coslas na a chlann eile de ur seòrsa? An sin cuiridh sibh mise ann an cunnart mo chinn on rìgh.

Dearbh do sheirbhisich, guidheam ort, deich làithean, agus thugar dhuinn peasair ra h‑ithe, agus uisge ra òl.

Mar seo thug Melsar air falbh cuibhreann am bìdh, agus am fìon a bu chòir dhaibh òl; agus thug e dhaibh peasair.

An sin chaidh Daniel ga thaigh, agus dh’innis e a’ chùis do Hananiah, Misael, agus Asariah, a chompanaich;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan