Oir ged tha mi uaibh anns an fheòil, gidheadh tha mi maille ribh anns an spiorad, a’ dèanamh gàirdeachais, agus a’ faicinn ur n‑òrdaigh, agus seasmhachd ur creidimh ann an Crìosd.
Ach air dhuinne, a bhràithrean, a bhith air ar dealachadh uaibhse rè tamaill bhig ann am pearsa, ach chan ann an cridhe, is ro‑mhò a rinn sinn dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn le mòr-thogradh.
Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia.
Agus mar an ceudna bha na tabhartasan loisgte ann am pailteas, maille ri saill nan tabhartas-sìthe agus nan tabhartas-dibhe, a‑chum na h‑ìobairt-loisgte. Agus dheasaicheadh seirbhis taigh an Tighearna.
Oir b’àill leam fios a bhith agaibh ciod e meud mo chòmhraig air ur son-se, agus airson na dream a tha ann an Laodicèa, agus airson a mheud is nach fhaca m’aghaidh anns an fheòil:
Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi.