Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 8:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,

Agus shuidh iad sìos a dh’ithe arain; agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd de chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead, len càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ìocshlaint, agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos don Eiphit.

An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Eiphit.

Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i.

Agus chuir Iehoas rìgh Israeil teachdairean a dh’ionnsaigh Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon fios a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac-sa na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan.

Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.

Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd.

Mallaichibh-se Meros, (thubhairt aingeal an Tighearna); mallaichibh gu mòr a luchd-àiteachaidh: a chionn nach tàinig iad gu còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna an aghaidh nan cumhachdach.

Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?

Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan