Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.

Agus ghlac iad dà cheannard nam Midianach, Oreb agus Seeb; agus mharbh iad Oreb air carraig Oreib, agus Seeb mharbh iad aig amar-bruthaidh fìon Sheeib, agus chaidh iad air tòir Mhidiain, agus thug iad cinn Oreib agus Sheeib gu Gideon air an taobh eile de Iòrdan.

Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin.

Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor.

Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan