Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Dèan an àrd-uaislean mar Oreb agus mar Sheeb, agus an uachdarain gu lèir mar Shèba agus mar Shalmuna;

Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.

Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh.

Chunnaic mi pàilleanan Chusain ann an àmhghar: chriothnaich brat-sgàile fearann Mhidiain.

Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail.

Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan