Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus Atrot, Sophan, agus Iaser, agus Iogbehah,

Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin.

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Agus ghabh iad na nithean a rinn Micah, agus an sagart a bha aige, agus thàinig iad gu Lais, a dh’ionnsaigh sluaigh a bha sàmhach agus neo-umhaileach: agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus loisg iad am baile le teine.

A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig-mìle-deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh.

Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile.

An sin thubhairt Samuel, Thugaibh an seo am ionnsaigh-sa Agag rìgh nan Amaleceach: agus thàinig Agag da ionnsaigh gu suilbhir. Agus thubhairt Agag, Gu cinnteach chaidh searbhas a’ bhàis seachad.

Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan