Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma tha eagal ort dol sìos, falbh-sa agus Phurah d’òglach sìos a dh’ionnsaigh an fheachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus cluinnidh tu ciod a their iad; agus na dhèidh sin neartaichear do làmhan, agus thèid thu sìos a dh’ionnsaigh an fheachd. An sin chaidh e sìos maille ri Phurah a òglach gu taobh a‑muigh nan daoine armaichte a bha anns an fheachd.

Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.

An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan