Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Britheamhan 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

Samah an t‑Harodach, Elica an t‑Harodach,

Dèan orra mar air Midian, mar air Sisera, mar air Iabin, aig sruth Chisoin;

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Nach eil iad air an taobh eile de Iòrdan, leth ri slighe dol fodha na grèine, ann an tìr nan Canàanach, a tha ag àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh ri còmhnardan Mhòreh?

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna.

Uime sin, air an là sin fhèin, thug e Ierubàal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Bàal na aghaidh, a chionn gun do thilg e sìos a altair.

An sin bha na Midianaich uile, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, air cruinneachadh ri chèile, agus chaidh iad a‑null, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil.

Agus rinn Dia mar sin air an oidhche sin: agus bha tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile bha drùchd.

Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin.

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.

A‑nis chruinnich na Philistich am feachd uile gu Aphec: agus champaich na h‑Israelich làimh ri tobar a tha ann an Iesreel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan